Is e cuspair a bhios sgoiltean is sgoiltean-àraich a’ teagasg mar phàirt den Churraicealaim airson Sàr-mhathais a th’ ann an Sàbhailteachd Rathaid. Ach, is e na h-eòlasan adhartach anns an dachaigh agus, air a’ bhlàr a-muigh, an cois an teaghlaich a bhios a’ toirt beòthalachd don ionnsachaidh sin.
Anns na leabhraichean, na geamannan agus a’ ghnìomhachd ann am Bi Sàbhailte! Iomairt Sàbhailteachd Rathaid Siogaidh gheibhear a h-uile nì a dh’ fheumas sibh gus an toiseach-tòiseachadh as fheàrr a thoirt don chloinn agaibh air an t-slighe shàbhailteachd rathaid aca.
Mar sin tòisichibh a’ cleachdadh Siogaidh an-diugh. Bithibh còmhla ris an fheadhainn bheaga agaibh nuair a tha iad ag ionnsachadh...agus faighibh spòrs air an t-slighe.